
Oideas
Podcast de Gwen MacQuarrie
Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 3 air fàire. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr. Welcome to Oideas! Series 3 is coming! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.
Empieza 7 días de prueba
$99.00 / mes después de la prueba.Cancela cuando quieras.
Todos los episodios
19 episodios
An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoireasan, agus mu phròis ‘sa Ghàidhlig. Tha an leabhar air Frances Tolmie a tha Wilma agus Gwen a’ bruidhinn mu dheidhinn ri fhaotainn an seo: https://acairbooks.com/product/books/gun-sireadh-gun-iarraidh-the-tolmie-collection-paperback/ Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media/ Seo am prògram mu dheireadh de Shreath 3. Taing mhòr ‘son a bhith ag èisteachd, leigibh fhaicinn ur beachdan!

Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan. Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aice, agus na dòighean iogantach a dh’ionnsaich i airson sgoilearan a’ chuideachadh le matamataig. Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: www.telt.media Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

Bho bhith teagasg sa bhun-sgoil ann an Ulapul, gu bhith sgrìobhadh bàrdachd, gu bhith dèanamh PhD air luchd-obrach nan tràth ìrean - tha an t-uamhas aig Lisa NicDhòmhnaill ri bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram sa. Tha i fhèin is Gwen NicGuaire cuideachd a còmhradh mu a slighe ann an teagasg, an obair a tha i dèanamh stiùireadh chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an dleastanas a tha air tidsear a bhith nan tosgairean fad an t-siubhail. Abair prògram! Tha an leabhar bàrdachd aig Lisa ri fhaighinn an seo: https://nwhgeopark.com/product/mnathan-na-coigach-the-women-of-coigach/ Seo Eilidh, a tha i bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram: https://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poem/eilidh/ Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: www.telt.media Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

A bheil cothroman gu leòr ann do shlighe a dhèanamh gu bhith nad cheannard san àrd-sgoil, agus a bheil e nas duilghe nuair a tha thu ag obair ann Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail? Tha sin am measg na tha Lauren Mhoireasdan, ceannard ùr Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhann, a' bruidhinn ri Gwen mu dheidhinn. Tha iad cuideachd a' cabadaich mu mar a dh' ionnsaich Lauren a' Ghàidhlig, agus mu cho sònraichte is sgapte sa tha sgìre sgoile an Òbain. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media www.telt.media https://www.kinlochlevencampus.co.uk https://www.obanhigh.argyll-bute.sch.uk https://www.smo.uhi.ac.uk/cursaichean-canain/

Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aice a niste a' teagasg an fheadhainn as òige sa sgoil. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ [https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/] Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media [https://www.telt.media] Tuilleadh fiosrachadh mu dyslexia: https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/ [https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/]
Empieza 7 días de prueba
$99.00 / mes después de la prueba.Cancela cuando quieras.
Podcasts exclusivos
Sin anuncios
Podcast gratuitos
Audiolibros
20 horas / mes