Oideas

Oideas

Podcast door Gwen MacQuarrie

Fàilte gu Oideas - sreath de dh’agallamhan mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Sreath 3 air fàire. Anns gach pod-chraolaidh bidh Gwen NicGuaire a bruidhinn ri sàr-eolaichean foghlaim mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr. Welcome to Oideas! Series 3 is coming! Oideas is a podcast about Gaelic medium education. In each programme Gwen MacQuarrie talks to secondary or primary school experts about the role, challenges and best solutions in Gaelic education.

Probeer 7 dagen gratis

€ 9,99 / maand na proefperiode.Elk moment opzegbaar.

Probeer gratis

Alle afleveringen

19 afleveringen
episode Oideas 3.6 Wilma NicUalraig artwork
Oideas 3.6 Wilma NicUalraig

An aon tidsear a bhith agad fad seachd bliadhna sgoile. Ciamar a tha sin dha na sgoilearan, agus ciamar a tha e dhan tidsear? Sin an dearbh shuidheachadh a tha aig Wilma NicUalraig is i leatha fhèin a' teagasg Gàidhlig ann am bun-sgoil ann am Farfar. Tha i a’ còmhradh le Gwen mu dheidhinn sin, a slighe fhèin gu teagasg, mu bhith cleachdadh seann òrain sa chlas, mu bhith cruthachadh stòras de ghoireasan, agus mu phròis ‘sa Ghàidhlig. Tha an leabhar air Frances Tolmie a tha Wilma agus Gwen a’ bruidhinn mu dheidhinn ri fhaotainn an seo: https://acairbooks.com/product/books/gun-sireadh-gun-iarraidh-the-tolmie-collection-paperback/ Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media/ Seo am prògram mu dheireadh de Shreath 3. Taing mhòr ‘son a bhith ag èisteachd, leigibh fhaicinn ur beachdan!

05 jun 2024 - 45 min
episode Oideas 3.5 Lesley Hayes artwork
Oideas 3.5 Lesley Hayes

Thòisich Lesley Hayes a slighe le Gàidhlig nuair a bha i fhèin na pàrant. Ghluais i an teaghlach air fad dhan Eilean Sgitheanach gus fileantas a’ righinn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha i niste na Prìomh Thidsear ann an sgoil ann am Baile Dhubhtaich a’ teagasg sa chànan. Tha i fhèin is Gwen a bruidhinn mun slighe sin. Mu mar a chaidh Lesley an aghaidh moladh na Comhairle ‘son a’ bhliadhna probhaidh aice, agus na dòighean iogantach a dh’ionnsaich i airson sgoilearan a’ chuideachadh le matamataig. Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: www.telt.media Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

22 mei 2024 - 32 min
episode Oideas 3.4 Lisa NicDhòmhnaill artwork
Oideas 3.4 Lisa NicDhòmhnaill

Bho bhith teagasg sa bhun-sgoil ann an Ulapul, gu bhith sgrìobhadh bàrdachd, gu bhith dèanamh PhD air luchd-obrach nan tràth ìrean - tha an t-uamhas aig Lisa NicDhòmhnaill ri bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram sa. Tha i fhèin is Gwen NicGuaire cuideachd a còmhradh mu a slighe ann an teagasg, an obair a tha i dèanamh stiùireadh chùrsaichean aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an dleastanas a tha air tidsear a bhith nan tosgairean fad an t-siubhail. Abair prògram! Tha an leabhar bàrdachd aig Lisa ri fhaighinn an seo: https://nwhgeopark.com/product/mnathan-na-coigach-the-women-of-coigach/ Seo Eilidh, a tha i bruidhinn mu dheidhinn sa phrògram: https://www.scottishpoetrylibrary.org.uk/poem/eilidh/ Chaidh am prògram a chlàradh a ghearradh le Iain MacDiarmaid aig Telt Media: www.telt.media Agus tha tuilleadh fiosrachaidh mu fhoghlam Gàidhlig agus na slighean teagaisg aig Sabhal Mòr Ostaig ri fhaotainn an seo: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

08 mei 2024 - 35 min
episode Oideas 3.3 Lauren Mhoireasdan artwork
Oideas 3.3 Lauren Mhoireasdan

A bheil cothroman gu leòr ann do shlighe a dhèanamh gu bhith nad cheannard san àrd-sgoil, agus a bheil e nas duilghe nuair a tha thu ag obair ann Gàidhlig ann an sgìrean dùthchail? Tha sin am measg na tha Lauren Mhoireasdan, ceannard ùr Àrd-sgoil Cheann Loch Lìobhann, a' bruidhinn ri Gwen mu dheidhinn. Tha iad cuideachd a' cabadaich mu mar a dh' ionnsaich Lauren a' Ghàidhlig, agus mu cho sònraichte is sgapte sa tha sgìre sgoile an Òbain. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media www.telt.media https://www.kinlochlevencampus.co.uk https://www.obanhigh.argyll-bute.sch.uk https://www.smo.uhi.ac.uk/cursaichean-canain/

24 apr 2024 - 45 min
episode Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn artwork
Oideas 3.2 Anne Mhàrtainn

Chuir Anne Mhàrtainn seachad iomadh bliadhna cuideachadh clann le feumalachdan a bharrachd, agus tha an còmhradh seo leatha làn eòlais, gliocas agus lèirsinn. Dè an diofar a th' ann eadar foghlam Gàidhlig is Beurla? Ciamar a nì thu deuchainn dyslexia nuair a tha pàiste fhathast a togail bunaitean na Gàidhlig? Tha i stiùireadh Gwen tron phròiseas, a thuilleadh air a bhith còmhradh mun obair aice a niste a' teagasg an fheadhainn as òige sa sgoil.  Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhith tighinn a theagasg ri fhaighinn aig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ [https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/] Chaidh am prògram a' chlàradh 's a' ghearradh le Telt Media: https://www.telt.media [https://www.telt.media]   Tuilleadh fiosrachadh mu dyslexia: https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/ [https://dyslexiascotland.org.uk/online-learning/]

09 apr 2024 - 33 min
Super app. Onthoud waar je bent gebleven en wat je interesses zijn. Heel veel keuze!
Makkelijk in gebruik!
App ziet er mooi uit, navigatie is even wennen maar overzichtelijk.

Probeer 7 dagen gratis

€ 9,99 / maand na proefperiode.Elk moment opzegbaar.

Exclusieve podcasts

Advertentievrij

Gratis podcasts

Luisterboeken

20 uur / maand

Probeer gratis

Alleen bij Podimo

Populaire luisterboeken